Words by the late John Cameron,
Tigh a' phuirt, Glencoe.

Chì mi na Mòrbheanna.
(The Mist-Covered Mountains of Home)

 

Chorus
O chì, chì mi na mòrbheanna
O chì, chì mi na corrbheanna
O chì, chì mi na coireachan
Chì mi na sgoran fo cheò.

Chì mi gun dàìl an t-àite 's an d'rugadh mi
Cuirear orm fàilt' 's a' chànain a thuigeas mi
Gheibh mi ann aoidh agus gràdh 'n uair ruigeam
Nach reicinn air thunnaichean oir.

Chì mi ann coilltean, chì mi ann doireachan
Chì mi ann maghan bàna is toraiche
Chì mi na féidh air làr nan coireachan
Falaicht' an trusgan de cheò.

Beanntaichean àrda is àillidh leacainnean
Sluagh ann an còmhnuidh is coire cleachdainnean
'S aotrom mo cheum a' leum g'am faicinn
Is fanaidh mi tacan le deoin.


 

<BGSOUND SRC="mid/mistcovd.mid"></font> <p><font color="#000000">

To return to Alasdair's home page, click here